Chrisella Ros

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Luaidh air Chrisella Ros.

Chaochail an sgeulaiche Chrisella Ros.

Bha i 55.

'B ann à Pabail san Rubha a bha Chrisella.

Bha i an lùib ealain na Gàidhlig airson iomadh bliadhna.

Rinn i obair mhòr às leth Chomann Eachdraidh an Rubha, is thuirt a' bhuidheann gur e call mòr a tha seo dhaibh.

Anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh, b' i a sgrìobh an dràma Gàidhlig Bannan.

Thuirt i gun robh i aig an oilthigh an Glaschu is ag obair air sgrìobhadh air prògraman mu dheidhinn nam bailtean mòra, ach nuair a fhuair i cothrom gun robh i 'son sgrìobhadh mun t-seòrsa choimhearsnachd a bh' aice fhèin.

'B ann às a sin, thuirt i, a thàinig Bannan.