Bàsmhorachd bhradan ga rannsachadh

Bradain

Tha luchd-rannsachaidh aig Colaiste Inbhir Nis, a tha na pàirt de dh'Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, air cuideachadh ann a bhith a' dealbh uidheim mhoileciuilich ùir leis am faighear a-mach barrachd mun ìre àrd bhàsmhorachd am measg bhradan.

Dh'obraich an t-Oll. Eric Verspoor agus an Dr Mark Coulson aig Institiùt UHI Aibhnichean is Lochan aig Colaiste Inbhir Nis, còmhla ri luchd-obrach aig roinn saidheans Buidheann Mara na h-Alba, agus 11 ionad-rannsachaidh eile air feadh na h-Eòrpa gus am modal ùr a leasachadh.

Chruinnich an sgioba stòr-dàta de dh'fhiosrachadh ginteil bho 27,000 bradan fa-leth bho aibhnichean ann an 13 dùthchannan Eòrpach, Alba nam measg.

Tha an uidheam a-niste ga chleachdadh gus dùthchas sgìreil a' bhradain Atlantaigich a thèid a ghlacadh aig muir, agus gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air na slighean a bhios iad a' leantainn bho dhiofar cheàrnaidhean den Roinn Eòrpa.