Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachan 11:00m

2 An Dàmhair 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Las Vegas

Chaidh 20 duine co-dhiù a mharbhadh agus còrr is 100 a leòn ann an ionnsaigh le gunna aig consairt air a' bhlàr-a-muigh ann an Las Vegas. Thuirt fianaisichean gun robh fear-gunna a' losgadh bho gu h-àrd ann an taigh-òsta agus casino Mandalay Bay. Thuirt na Poilis gu bheil am fear-gunna marbh, agus gur aithne dhaibh cò e.

Catalunia

Chaidh ceannard Chatalunia, Carles Puigdemont, os cionn coinneimh a' chaibineit aige sa mhadainn an-diugh 's e ag ràdh gu bheil referendum connspaideach an-dè a' toirt cead dhan sgìre dealachadh ris an Spàinn. Tha Riaghaltas Chatalunia ag ràdh gun do bhòt 90% anns an referendum an-dè airson neo-eisimeileachd bhon Spàinn. Tha Riaghaltas na Spàinne ag ràdh ge-tà, gun robh an referendum sin mì-laghail, agus chaidh còrr is 800 duine a ghoirteachadh nuair a dh'fheuch poilis ri stad a chur air a' bhòt.

Monarch

Tha Ùghdarras Catharra nam Plèanaichean a' toirt luchd-siubhail Monarch air ais dhan Rìoghachd Aonaichte an dèidh dhan chompanaidh adhair a dhol fodha. Tha còrr is 100,000 duine à Breatainn a shiubhail còmhla ri Monarch fhathast thall-thairis.

An Caibineat

Thug an Seansalair, Philip Hammond, rabhadh do bhuill eile sa Chaibineat gum feum iad an taic a chur ri seasamh a' Phrìomhaire air Brexit. Agus a' freagairt bheachdan nach eil Theresa May air chomas Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Boris Johnson, a chur às a dhreuchd, thuirt Mgr Hammond nach urrainn do dhuine a bhith cinnteach nach caill iad an dreuchd.

Phil Gormley

Chaidh gearain às ùr a dhèanamh an aghaidh Àrd-Chonstabal na h-Alba, a tha far obrach an-dràsta fhad 's a tha rannsachadh ann mu thrì chùisean eile. Seo an ceathramh casaid mu bhurraidheachd an aghaidh Phil Gormley. Cha tuirt Ùghdarras Phoileas na h-Alba dad mun chasaid as ùire a tha seo.

Plana Gàidhlig Dhùn Èideann

Dh'fhoillsich Comhairle Baile Dhùn Èideann Plana na Gàidhlig aca an-diugh. Seo an dàrna plana Gàidhlig agus an sgoil ùr Thaobh na Pàirce tro mheadhan na Gàidhlig am measg na thàinig gu buil bhon chiad phlana. Tha am plana seo fosgailte airson co-chomhairle phoblaich dhan 15mh là den Dùbhlachd, 's tha dùil gun tèid a chur an sàs tràth an ath-bhliadhna.