Tuil a' toirt buaidh air ospadal

Ospadal an Ràthaig Mhòir

Thug tuil tron oidhche buaidh air siostaman coimpiutaireachd aig Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Bidh an seirbheirean a' toirt taic do dh'obair làitheil an ospadail, a rèir NHS na Gàidhealtachd.

Tha plana-taic, stèidhichte air pàipear, ann an àite aig an ospadal.

Thuirt Bòrd na Slàinte gun robh euslaintich sàbhailte, ach thuirt iad gun deach buaidh a thoirt air aithisgean agus toraidhean bho roinn X-ray an ospadail, agus na deuchainnlannan.

Tha an tuil cuideachd air buaidh a thoirt air siostaman conaltraidh an ospadail.

Thuirt iad gun robh sgioba stiùirich an ospadail ag obair gus a' bhuaidh a lùghdachadh air euslaintich, agus a' toirt taic do luchd-obrach.

Tha dùil gun toir an trioblaid "droch bhuaidh gu ìre air choireigin" air seirbheisean do dh'euslaintich a thig chun an ospadail, agus air seirbheisean tèatair, agus tha sgioba de luchd-rianachd a' cur fios air euslaintich aig a bheil dùil ri coinneimh-dhotair Diluain.

Thathas ag iarraidh air daoine leantainn orra le an cuid phlanaichean airson tadhal air an ospadal mura tèid fios a chur orra.