'S daor an drama

Uisge-Beatha Image copyright PA
Image caption Chuir Taigh-Staile Ghlinn Lìobhaid baraille air falbh ann an 1943, agus thathas a-niste a' reic cuid de na bha na bhroinn.

Thèid mac na braiche a tha am measg a' chuid as teirce 's as daoire a th' ann, a chur air a' mhargaidh Diluain.

Chaidh Cruinneachadh Prìobhaideach Ghlinn Lìobhaid a stòradh 'son 70 bliadhna.

Chan eileas a' reic ach 40 botal deth, le dùil gum faigh iad £30,000 an urra.

Ann an 1943 bha an Dàrna Cogadh aig àirde, agus bha uisge-beatha gann.

Chaidh innse don mhòr-chuid de thaighean staile gum feumadh iad dùnadh air sgàth gainnead eòrna, luchd-obrach agus ùine.

Ach san Fhaoilleach chaidh baraille a stòradh ann an Gleann Lìobhaid.

Mhair e an sin gu 1967 nuair a chaidh a ghluasad gu Eilginn ann an stòr na companaidh Gordon and MacPhail.

Tha iad a-niste air an uisge-beatha a chur air a' mhargaidh ann a 40 botal sònraichte.

Tha a' phrìs a tha iad a' sùileachadh fhaighinn air a shon a' ciallachadh gun cosg gach drama fa-leth £430.