Na milleanan do na h-Eileanan

Airgead Image copyright PA

Tha Comhairle nan Eilean Siar am beachd na milleanan Notaichean de dh'airgead chalpa fhaighinn bho Aonta nan Eilean - cùmhnant le Riaghaltas Bhreatainn agus Riaghaltas na h-Alba coltach ris na Aontaidhean Baile tha an dà Riaghaltas air a dhèanamh cheanna.

Tha baile Inbhir Nis agus an sgìre mu thimcheall air cùmhnant luach £300m fhaighinn.

Chan eil fhios le cinnt fhathast dè suim a gheibh na h-Eileanan.

"Tha sinn a' bruidhinn air barrachd stòrais a thaobh phrògraman calpa, agus phròiseactan calpa, nach fhacas a leithid ron seo anns na h-Eileanan," thuirt Fear-Gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

"Fiù 's leis an airgead Eòrpach a th' air a bhith a' tighinn a-steach dha na h-Eileanan thairis air an 40 bliadhna a th' air a dhol seachad.

"Tha sinn a' faicinn gu bheil tòrr mòr airgid a' dol a thighinn a-steach - agus gun tig e a-steach gu math aithghearr cuideachd.

"Agus a-rithist tha sin a' dol a dhèanamh feum mhòir dhan eaconamaidh anns na h-Eileanan, agus bidh sinn an dòchas co-dhiù gun dèanadh e togail gach cuid air an eaconamaidh agus cuideachd a' toirt misneachd dha daoine òga airson dreuchdan agus obraichean agus gnìomhachasan a chur air adhart anns na h-Eileanan.

"Tha e duilich a ràdh dè th' ann dha-rìribh aig an ìre seo - agus 's dòcha nach bu chòir dhuinn a bhith a' bruidhinn cus mu dheidhinn sin - ach bidh sinn a' bruidhinn gach cuid air pròiseactan sònraichte, agus cuideachd prògraman a bheir leasachadh air bun-structar tro na h-Eileanan air fad," thuirt e.