Boireannaich an Eilein faisg air an lìog

Iomain nam ban

Tha boireannaich an Eilein Sgitheanaich glè fhaisg air an lìog a bhuannachadh a-rithist.

Rinn na Sgitheanaich a' chùis air Loch Abar 5-0 ann an Drochaid an Aonachain Didòmhnaich.

'S iad Sarah Corrigall (2), Lorna NicRath (2), is Jenna Pheutan a fhuair na tadhail.

Bha na Sgitheanaich air Loch Abar a phronnadh 6-1 sa chuairt dheireannaich de Chupa Valerie Fhriseil aig toiseach na Sultain.

Feumaidh na h-Abraich fhathast a dhol a Phort Rìgh san lìog, is bidh aca ris a' gheama sin a bhuannachadh ma tha cothrom idir gu bhith aca air an tiotal.

Tha làmh an uachdair aig na Sgitheanaich, ge-tà, is coltas ann gun cum iad grèim air an tiotal a bhuannaich iad an-uiridh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile