Am Baile Ùr "fhathast os cionn chàich"

Tadhal

Thuirt manaidsear Bhaile Ùr an t-Slèibh gur iad fhathast a tha os cionn chàich anns an iomain.

Bha PJ Mac an Tòisich a' bruidhinn is am Baile Ùr air a' chùis a dhèanamh 3-2 air Lòbhat sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

Chaidh am Baile Ùr a-steach dhan gheama is iad air a' Phrìomh Lìog a chall, is grunn tholl san sgioba àbhaistich aca.

Dh'fhàg sin gun do thòisich iad le fear a bhios a' cluiche am meadhan na pàirce, Pòl MacArtair, eadar na puist, is Tormod Caimbeul air ais san loidhne dìon, far nach deach fhaicinn bho chionn ùine.

Còmhla ris bha Ruairidh Ceannadach, nach do chluich iad ann an cha mhòr dà mhìos às dèidh dha adhbrann a ghoirteachadh.

Smachd

Ach ghabh am Baile Ùr grèim teann air a' gheama seo tràth.

Rinn Stiùbhart Dòmhnallach stad mìorbhaileach air oidhirp bho Glen Mac an Tòisich, ach mionaid às a dhèidh, chaidh am Baile Ùr air thoiseach.

Bhuannaich Mìcheal Ruiseal am ball meadhan na pàirce is chuir e suas gu Mac an Tòisich e. Stiùir esan a-steach dhan mheadhan e is dhrill Niall Stiùbhart am ball an uairsin seachad air an Dòmhnallach.

Sa bhad, cha mhòr, bha tadhal eile aca, an turas seo bho Jamie Robinson.

Bha am Baile Ùr cofhurtail gu leòr, ach thàinig dòchas dha Lòbhat às dèidh uair de thìde.

Thàinig ball àrd a-steach dhan bhocsa is chuir Marc MacLachlainn seachad air MacArtair e.

Co-ionnan

Fhuair Lorne MacAoidh an uairsin ùine air a' bhall ann am meadhan na pàirce is chuir e oidhirp àrd a-steach.

Bha coltas ann gun do chaill MacArtair am ball sa ghrèin is chaidh e dìreach dhan lìon is Lòbhat, dòigh air choireigin, co-ionnan aig 2-2.

Sheall am Baile Ùr an t-eolàs aca, ge-tà, is ghabh iad grèim air cùisean às ùr.

Le cairteal na h-uaireach air fhàgail, chuir iad an tadhal a bhuannaich dhaibh Cupa na Camanachd.

Chuir Dàibhidh MacIlleathain ball suas a' phàirc, is rinn Glen Mac an Tòisich obair ionmholta gus cothrom a chruthachadh dha Evan Menzies.

Chaidh oidhirp Menzies gu h-ìosal fon Dòmhnallach is b' e 3-2 a bh' ann.

Buaireadh

Bha connspaid anns na mionaidean mu dheireadh is Callum Crudden aig Lòbhat is Connor Jones aig a' Bhaile Ùr gan cur far na pàirce às dèidh àimhreit eatorra.

3-2 dhan Baile Ùr is iad glè airidh air a' chupa air an là.

Bidh Lòbhat air an tàmailteachadh, oir cha do chluich iad faisg air an ìre as àirde aca, ann an geama fhèin 's dòcha nach do ràinig àrd-ìre.

Bidh am Baile Ùr coma.

Chan eil iad cho math 's a bha iad, is bha iad ann an staing mhòr leis na tuill a bh' anns an sgioba Disathairne, ach abair gun do rinn iad a' chuid a b' fheàrr de na bh' aca.

Toiseach-tòiseachaidh

Thuirt PJ Mac an Tòisich às dèidh làimhe nach eil am Baile Ùr deiseil aige seo.

"Chan e seo deireadh na slighe dhuinn, 's e toiseach-tòiseachaidh a th' ann", thuirt Mac an Tòisich.

"Tha cluicheadairean òga math againn a' tighinn troimhe.

"Chaill sin an lìog oir bha sinn às aonais chluicheadairean tràth san t-seusan is leig sinn às puingean.

"Dhomhsa, sinne fhathast a tha os cionn chàich", thuirt e.