Earrann ùr den A9 fosgailte

An earran ùr Image copyright Còmhdail Alba

Dh'fhosgail am pìos ùr dà-fhillte den A9 deas air an Aghaidh Mhòir.

'S ann air còig mìle den rathad eadar Ceann na Creige agus Dail Radaidh a tha an earrann ùr.

Chosg an obair £35m.

'S e a' chiad earrann de phròiseict gus an A9 air fad eadar Peairt is Inbhir Nis a dhèanamh dà-fhillte eadar seo is 2025.

Bha còir aig a' chiad phìos seo den phròiseict a bhith deiseil as t-samhradh.

Thuirt Còmhdail Alba gur e "duilgheadas teicnigeach" a bu choireach ris an dàil.

'S ann eadar Longartaidh is Braonan a bhios an ath-earran den phròiseict.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile