Plana son raon goilf ùr aig Eurabol an Cataibh

Image copyright Alison Searl/RSPB Scotland

Thèid plana airson raoin goilf ùr ann an Cataibh, luach suas ri £10m a chuir gu Comhairle na Gàidhealtachd.

Tha an cùrsa, às am bi 18 toll, a thathar a' moladh airson Coul Links faisg air Eurabol air a bhith connspaideach.

Tha buidhnean glèidhteachais an aghaidh nam planaichean - RSPB na h-Alba agus Urras Fiadh-bheatha na h-Alba nam measg.

Thuirt an luchd-leasachaidh gu robh iad air na planaichean atharrachadh gus a bhuaidh a bheir e air sgìre a th'air a dhìon a lùghdachadh.

Tha luchd-gnothachais Ameireaganach agus Urras Euraboil a-measg an sgioba leasachaidh.

Thuirt iad nach bi ach pàirt gu math beag den raon a' gabhail a-steach SSSI Loch Fleòid.

Ma thèid cead dealbhachaidh a thoirt seachad, dh' fhaodadh an obair air a' chùrsa tòiseachadh an ath bhliadhn'.