Ticeadan Runrig air fad air an reic

Runrig

Chaidh na ticeadan air fad airson a' chuirm mu dheireadh aig Runrig a reic Dihaoine.

Dh'innis an còmhlan Dimàirt gun robh iad a' dol a chumail a' chuirm-chiùil bheò mu dheireadh aca an dèidh 45 bliadhna.

Bidh a' chuirm 'The Last Dance' ann an Sruighlea Disathairne an 18mh den Lùnastal 2018.

Chaidh 25,000 ticead a' reic uile gu lèir ro 11m Dihaoine.

Bha cothrom ann do chuid grèim fhaighinn air ticeadan bho Dhiciadain, le na ticeadan a' dol air a mharagaidh fhosgailte aig 10m Dihaoine.

Cuirmean

Thuirt an còmhlan-ciùil gun tàinig iad chun a' cho-dhùnaidh aon shreath mu dheireadh de chuirmean a dheànamh.

Thèid na cuirmean, air a bheil 'The Final Mile', a chumail sa Ghearmailt, san Danmhairg agus ann an Sasainn.

'S ann ann an Sruighlea a bhios a' chiurm-chiùil mu dheireadh dhan t-sreath.

Thuirt Calum Dòmhnallach bho Runrig nach be co-dhùnadh furasta a bh' ann dhan a' chòmhlan.

''Tha sinn a' faireachdainn gu bheil an t-àm ceart ann 'son co-dhùnadh deimhinneach dhan a' chòmhlan agus na tha sinn air a dheànamh a chomharrachadh.''

Chaidh Runrig a stèidheachadh ann an 1973 san Eilean Sgitheanach. Dh'fhoillsich iad a' chiad chlàr aca 'Play Gaelic' ann an 1978.

Thar nam bliadhnaichean tha iad air cluich air feadh an t-saoghail. Chaidh na tiocaidean gu lèir a reic son nan cuirmean-ciùil aca ann an Talla Rìoghail Albert ann an Lunnainn ann an 1995 agus 1996.