An Loopallu mu dheireadh

Soidhne Loopallu
Image caption 'S ann aig a' chidhe a bhios fèis na bliadhna-sa

Bidh an fhèis Loopallu mu dheireadh a' gabhail àite ann an Ulapul air an deireadh-sheachdainn seo.

Chaidh co-dhùnadh an fhèis a thoirt gu ceann leis nach robh an làrach far am b' àbhaist dhith a bhith air a cumail ri fhaotainn tuilleadh.

A-measg nan còmhlan a ghabhas pàirt anns an fhèis mu dheireadh bidh The Pigeon Detectives, Glasvegas agus Hunter and the Bear.

Bidh òraid ann cuideachd bhon sgrìobhadair eucoir Ian Rankin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile