Ceann-là airson a' chàbaill?

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Dùil ri maoineachadh airson càball dealain a' Chuain Sgìth tràth ann an 2019

Tha Fo Rùnaire Stàite na h-Alba, am Morair Duncan, air innse do Chomhairle nan Eilean Siar gun tig taic-airgid Riaghaltais airson càball dealain eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr-Mòr tràth ann an 2019.

'S e seo a' chiad turàs a chaidh ceann-là cinnteach a chur a-mach airson a' chàbaill.

Thàinig an naidheachd bhon Mhorair Duncan 's e air thuras a Leòdhas Diardaoin.

"Misneachadh"

Thuirt fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gun robh na coinneamhan aca leis gu math feumail.

"'S e seo a' chiad turas a chuala sinn rud cho cinnteach sin bho mhinistear riaghaltais chun na h-ìre-sa".

Bha e sgrìobhte ann am manifesto nan Tòraidhean ron taghadh choitcheann as t-samhradh gum biodh taic ann dha cumhachd ath-nuadhachail ann an sgìrean eileanach, agus thuirt Mgr Dòmhnallach gu bheil iad air am misneachadh gu bheil cùisean a-nis a' tighinn gu ìre.

"Tha sinn a' faicinn a-nis na pìosan mar gum biodh a' tuiteam nan àite airson sin agus cuideachd gu bheil an Riaghaltas toilichte gu bheil sinn a' dol timcheall air an seo anns an dòigh cheart".

Tha coltas ann fhathast ge-tà gu bheil an càball fhèin beagan bhliadhnaichean air falbh.

"Bidh e 2020 neo 2021 mus bi an càball air a stèidheachadh agus daoine ga chleachdadh", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile