Seòmar-stiùiridh Inbhir Nis ga dhùnadh

Seacaid poilis

Thug Ùghdarras Poilis na h-Alba (SPA) cead seachad airson seòmar-stiùiridh Inbhir Nis a dhùnadh.

A' coinneachadh sa bhaile Diardaoin thuirt an SPA gun deidh co-luadar a dhèanamh leis an luchd-obrach fhad sa tha an t-ionad ga dhùnadh.

Tha e a' ciallachadh nach bi ach trì ionadan-stiùiridh a' freagairt gairmean èiginn ann an Alba, sin ann an Dùn Dè, Glaschu agus Bilston Glen.

Tha e a' coimhead coltach cuideachd gu bheil planaichean airson Ionad Stòr-data Nàiseanta a stèidheachadh eadar Inbhir Nis agus Glaschu a' dol air adhart.

Thuirt Poilis Alba gum faodadh gun deadh an t-ionad-stiùiridh a dhùnadh agus an obair a ghluasad a Dhùn Dè aig toiseach an Fhaoillich an ath-bhliadhna.

Thèid obair san ionad stòr-data a thabhann dhan fheadhainn air a bheil a bhith a' dùnadh an t-ionad-stiùiridh a' toirt buaidh.

Tha luchd-poileataics ionadail agus cuid sa choimhearsnachd air planaichean Poilis Alba a chàineadh.

Chaidh ionad-stiùiridh Obar Dheathain a dhùnadh an-uiridh agus a rèir diofar aithrisean chaidh oifigearan poilis a chur gu àiteachan ceàrr leis nach robh an t-eòlas ionadail aig na daoine a bha a' freagairt nam fònaichean.

Thuirt Poilis Alba gu bheil iad a' freagairt gairmean eiginn nas luaithe na roimhe leis gu bheil nas lugha de dh'ionadan ann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo