Sgrùdadh air cò leis a tha am fearann

Goillspidh Image copyright Getty Images

Tòisichidh rannsachadh air mar a tha an t-uabhas de dh'fhearann ann an Alba ann an làmhan àireamh bheag de dhaoine agus a' bhuaidh a th' aige sin air na daoine a tha a' fuireach air.

Thathas a' tomhas gur ann le nas lugha na 500 neach a tha an dàrna leth de dh'fhearann prìobhaideach na dùthcha.

Chan eil ach glè bheag de dhùthchannan anns an Roinn Eòrpa anns an t-suidheachadh seo.

Tha an cuspair seo air a bhith connspaideach rè nam bliadhna.

Thàinig atharrachadh ann an reachdas ath-leasachadh fearainn ri linn agus a-nis tha còirichean aig coimhearsnachdan a thaobh a bhith a' ceannach an fhearainn aca nuair a thèid e air a' mhargaidh.

Image caption Tha grunn choimhearsnachdan sna h-Eileanan an Iar air sealbh a ghabhail air an fhearann aca.

Chan eil liosta deimhinne ann a tha ag innse cò leis a tha a h-uile pìos fearainn ann an Alba, rud a tha ag adhbhrachadh mì-chinnt agus ceistean mu cho fosgailte agus follaiseach sa tha a' chùis.

Tha Coimisean Fearann na h-Alba a-nis a' dol a rannsachadh dè a' bhuaidh, ma tha buaidh idir, a th'aig seo air na coimhearsnachdan a tha a' fuireach air an fhearann.

Tha cuid de dh'uachdarain ga fhaicinn mar dhòigh gus fearann a thoirt bhuapa, ach tha cuid a' choimhearsnachdan a tha air sealbh fhaighinn air an fhearann aca ag ràdh gur e an t-amas soillearachadh fhaighinn air cò aig a bheil an dleastanas airson an fhearainn.