Sgoilear ag iarraidh cuideachaidh le gainnead thidsearan an Àrasaig

Poppy Dennis Image copyright Valerie Stuart-Orchard
Image caption Tha Poppy Dennis ann am P7 aig Bun-Sgoil Àrasaig

Tha nighean-sgoile air sgrìobhadh gu Rùnaire an Fhoghlaim, Iain Swinney, gus togail air gainnead thidsearan san sgoil aice.

Tha Poppy Dennis, 11, ann am P7 aig Bun-Sgoil Àrasaig, ann an Loch Abar. Tha 28 sgoilear san sgoil.

Tha sgoilearan eadar P4 agus P7 sa chlas aice, le grunn thidsearan eadar-amail air a bhith aca.

Thuirt a màthair, Valerie Stuart-Orchard, gun robh Poppy a' tuigsinn carson a bha seo a' cur cais air a pàrantan. Dh'fhaighnich i dhaibh cò ris am faotadh i sgrìobhadh mun a' chùis.

Na litir, thuirt Poppy nach eil i ''air a bhith 'g ionnsachadh dad'' agus gu bheil ''fìor dhragh'' oirre fhèin agus air na sgoilearan eile mun t-shuidheachadh.

Image copyright Poppy Dennis

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun deach litir a chur gu pàrantan Diluain gus innse dhaibh gun tèid sanas airson tidsear làn-ùine 'son Bun-Sgoil Àrasaig a sgaoileadh.

Tha tidsear san sgoil airson P1-3 agus tidsear eile son P4-7.

Ach, bha dragh air pàrantan Poppy gun e tidsearan eadar-amail a bha tric a' teagasg anns na clasaichean a bu shine, 's nach robh aon tidsear fa leth aca.

Na faclan fhèin

Thuirt màthair Poppy gun robh tidsear sònraichte air a bhith aice, ach chaidh a gluasad gu na clasaichean òga, 's chaidh tidsearan eadar-amail a chur air na clasaichean as sine.

''Bidh Poppy a' dol dhan àrd-sgoil agus tha sinn airson 's gum bi i deiseil airson sin,'' thuirt i.

Tha pàrantan Poppy air sgrìobhadh gu Comhairle na Gàidhealtachd mun chùis.

''Chunnaic poppy gun robh sinn air ar sàrachadh agus dh' fhaighnich i: ''Dè 's urrainn dhomh a dhèanamh? Tha mi airson sgrìobhadh gu cuideigin. Cò th' aig a' mhullach?''

''Thuirt sinn rithe: 'Uill, se Iain Swinney a bhiodh ann.' Sgrìobh Poppy an litir an uairsin. 'S e a beachd fhèin agus a faclan fhèin a bh' ann,'' thuirt a màthair.

Image copyright Poppy Dennis

Suidheachadh seasmhach

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad a' feuchainn ri tidsear làn-ùine fhaighinn.

''San eadar-ama tha suidheachadh seasmhach anns an sgoil.

''Tha dùbhlain an còmhnaidh mu 'r coinneamh air a' Ghàidhealtachd le bhith a' fastadh thidsearan.

''Aig an ìre-sa tha 20 cosnadh bàn ann am bun-sgoiltean, le dreuchdan luchd-cuideachaidh dhaibhsan le feumalachdan sònraichte nam measg.

''Ann an oidhirp dèiligeadh ris an seo tha Comhairle na Gàidhealtachd an sàs ann an dà sgeama gus àrdachadh a thoirt air an àireamh thidsearan a tha ri fhaotainn gu h-ionadail,' thuirt iad.

Sgoil air leth

Tha Mgr Swinney air freagairt a thoirt don litir aig Poppy. Thuirt e gun e ''sgoil air leth a bhiodh ann do thidsear, 's e ann an sgìre àlainn de dh' Alba.''

Thuirt e gun robh Riaghltas na h-Alba a cur an t-uabhas airgid ri bhith a' fastadh thidsearan agus a bhith a' cruthachadh slighean ùra 'son dreuchd fhaighinn mar tidsear.

Thuirt e gu bheil e mothachail gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd a' feuchainn ris a' bheàrn aig Sgoil Àrasaig a' lìonadh.