''Laigsean ann an Achd ùr an Fhoghlaim'' a rèir Chomann nam Pàrant Nàiseanta

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Maggie Wentworth bho Chomann nam Pàrant

Tha Comann nam Pàrant Nàiseanta ag ràdh gu bheil mar a dhiùlt Comhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear tagradh son foghlam Gàidhlig san sgìre a' sealltainn gu bheil laigsean ann an Achd ùr an Fhoghlaim.

Dhiùlt Comhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear ath-thagradh Diciadain bho phàrantan a tha ag iarraidh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig san sgìre.

Cho-dhùin a' Chomhairle mar-thà nach robh iarrtas gu leòr ann, ach rinn na pàrantan ath-thagradh.

Bha na pàrantan den bheachd nach do lean a' Chomhairle am pròiseas mar a bu chòir.

Fhuair Comataidh Ath-thagraidhean Foghlaim Comhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear gun do làimhsich an t-ùghdarras an gnothach mar a bu chòir, nach eil feum air FTMG san sgìre, is nach eil adhbhar ann làn-mheasadh a dhèanamh air a' chùis.

Dh'innis Comhairle Shiorrachd Rinn Friù Diciadain gun seas an co-dhùnadh is nach dèan iad làn mheasadh air an iarrtas.

Leanaidh an t-strì

Thuirt Maggie Wentworth bho Chomann nam Pàrant Nàiseanta gun e briseadh dùil a tha seo, is gun robh iad air sealltainn do chomhairlichean gun robh taic mhòr aca.

''Tha e a' cur iognadh oirnn gun e seo an co-dhùnadh a fhuair sinn.

''Tha mi a' smaointinn gun robh co-dhùnadh air a dhèanamh mus deach sinn a-steach dhan ath-thagradh.

''Cha do lean a' Chomhairle am pròiseas, tha sinn a' smaointinn, mar a bha còir aca tro Achd an Fhoghlaim.''

'''S e an t-iarrtas a bh' againn, 's e gum biodh iad a' dèanamh làn sgrùdadh agus gum faigh na pàrantan èisteachd cheart.''

''Bha sinn an dùil tron Achd seo gum biodh pròiseas againn a bhiodh a' dèanamh cùisean nas fhasa do phàrantan FTMG fhaighinn.''

Gheall Comann nam Pàrant Nàiseanta gu lean iad a' strì airson fòghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an sgìre Shiorrachd Rinn Friù an Ear.

'S e seo a' chiad turas a chaidh Achd an Fhoghlaim a chleachdadh airson iarrtas a dhèanamh do dh'ùghdarras ionadail, 's fhuair pàrantan faisg air 50 ainm.

Tuilleadh air an sgeulachd seo