Dùil ri co-dhunadh mu ionad-stiùiridh nam poileas

Seacaid poilis

Tha dùil gun gabh Ùghdarras Poilis Alba (SPA) ri planaichean son ionad-stiùiridh Inbhir Nis a dhùnadh, a' fàgail dìreach trì ionadan stiùiridh airson na dùthcha gu lèir.

Coinnichidh bòrd an ùghdarrais ann an Inbhir Nis madainn Diardaoin.

Ged a tha luchd-poileataics ionadail air a bhith a' strì gu làidir an aghaidh nam planaichean, tha oifigearan poilis aig àrd-ìre ag ràdh gum bi freagairtean nas luaithe ann airson gairmean èiginn air feadh na dùthcha.

Tha na planaichean air a bhith gu math connspaideach gu h-àraidh nuair a tha na siostaman ùra air fàiligeadh.

Chaidh ionad-stiùiridh Obar Dheathain a dhùnadh an-uiridh agus a rèir diofar aithrisean chaidh oifigearan poilis a chur gu àiteachan ceàrr leis nach robh an t-eòlas ionadail aig na daoine a bha a' freagairt nam fònaichean.

Gairmean èiginn

Nuair a choinnicheas an SPA Diardaoin beachdaichidh iad air ionad-stiùiridh Inbhir Nis a dhùnadh, agus ma thèid gabhail ris a sin thèid gairmean èiginn a fhreagairt aig aon a-mach a trì ionadan; bho fhear ann an Glaschu, ann am Bilston Glen, neo ann an Dùn Dè.

Thuirt Poilis Alba gu bheil iad a' freagairt gairmean eiginn nas luaithe na roimhe leis gu bheil nas lugha de dh'ionadan ann.

Tha dùil cuideachd gun tèid le planaichean 'son còrr is 50 stèisean poilis a dhùnadh.

Ma thèid an reic dh'fhaodadh an fheachd còrr air £6m fhaighinn air an son.

Tuilleadh air an sgeulachd seo