Ath-thagradh FTMG air a dhiùltadh

Dhiùlt Comhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear ath-thagradh bho phàrantan a tha ag iarraidh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig san sgìre.

Cho-dhùin a' Chomhairle mar-thà nach robh iarrtas gu leòr ann, ach rinn na pàrantan ath-thagradh.

Bha iad den bheachd nach do lean a' Chomhairle am pròiseas mar a bu chòir.

Tha Comhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear a-nise air leigeil fhaicinn nach do shoirbhich leis an ath-thagradh.

Fhuair Comataidh Ath-thagraidhean Foghlaim Comhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear gun do làimhsich an t-ùghdarras an gnothach mar a bu chòir, nach eil feum air FTMG san sgìre, is nach eil adhbhar ann làn-mheasadh a dhèanamh air a' chùis.

Thuirt na pàrantan gur e bristeadh-dùil mòr a bha seo, is gun robh iad air sealltainn do chomhairlichean gun robh taic mhòr aca.

Gheall iad gun coimhead iad air dòighean gus an t-strì a chumail a' dol.

'S e seo a' chiad turas a chaidh Achd an Fhoghlaim a chleachdadh airson iarrtas a dhèanamh do dh'ùghdarras ionadail, 's fhuair pàrantan faisg air 50 ainm.