"Thèid sinn dhan Riaghaltas mun Stòrr"

An Stòrr Image copyright Getty Images

Tha Urras an Taobh Sear san Eilean Sgitheanach deiseil 'son a dhol dhan Riaghaltas mura tig adhartas a còmhraidhean le Comhairle na Gàidhealtachd mu leasachadh aig Bodach an Stòirr, fear de phrìomh làraichean turasachd an eilein.

Dhiùlt a' Chomhairle plana an Urrais 'son an talamh a ghabhail thairis agus goireasan a chur ann do luchd-turais.

Ach ged a dhiùlt a' Chomhairle an t-iarrtas tha iad ag ràdh gu bheil iad deònach tuilleadh còmhraidh a dhèanamh.

"Tha sinn air a bhith ann an còmhradh còmhla ris a' Chomhairle trì bliadhna a-niste, agus air a bhith air slighe ag obair ann an compàirteachas a dh'ionnsaigh a bhith a' gabhail thairis na talamhainn a tha seo, agus a bhith ga leasachadh airson maith an eilein uile gu lèir," thuirt Dòmhnall Dòmhnallach, ball de dh'Urras an Taobh Sear.

"Gu sònraichte a' dèanamh rudan airson luchd-turais.

Gealltanas

"Ach aig a' mhionaid mu dheireadh, thionndaidh a' Chomhairle mun cuairt agus thuirt iad nach robh iad idir a' dol a leigeil leinn an talamh a ghabhail thairis.

"Tha sin uabhasach tàmailteach dhuinne an dèidh na saothrach 's na cosgais a th' air a dhol a-steach dhan phròiseact a tha seo.

"Tha a' Chomhairle a' miannachadh gun gabh sinn barrachd talmhainn, agus 's e an t-adhbhar airson sin 's e gu bheil pìos mòr de choille a chaidh a chur dìreach bho chionn dhà no trì bhliadhnaichean, ach tha i air fàileachadh, agus tha a' Chomhairle airson a' chosgais agus an t-uallach a tha sin a chur air an Urras.

"Chan urrainn dhuinne idir seo a ghabhail thairis, air sgàth gum biodh faisg air £30,000 a dhìth airson sin a chur air dòigh, agus chan eil an t-airgead sin againn," thuirt e.

Tha an t-Urras ag ràdh gun do gheall Comhairle na Gàidhealtachd £400,000 dhaibh mu choinneimh an leasachaidh a th' aca san amharc.

Is coltach a-niste ge-tà, nach tig an t-airgead sin.

"A rèir choltais chan eil iad deònach tuilleadh an £400,000 a tha seo a thoirt seachad airson an leasachaidh," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Niste chaidh seo a ghealltainn dhuinn, agus tha e anns na mionaidean aig a' Chomhairle fhèin.

"A-niste tha iad a' feuchainn ris an t-airgead a tha seo a chumail

"Bha sealladh aig an Urras gun robh a' Chomhairle a' beachdachadh air dè bu chòir dhaibh a dhèanamh an seo.

"Bha sin follaiseach ri fhaicinn air sgàth gun robh sia mìosan aca airson freagairt ris an rud a chuir sinn gan ionnsaigh, agus cha do fhreagair iad chun a' mhionaid mu dheireadh.

"Feumaidh mi a chantail nach d' fhuair sinn idir fiosrachadh mionaideach bhuapa, no fosgailte, ag innse dhuinn nach robh iad a' dol a chur taic ri seo.

"Thug sinn cuireadh dhaibh tighinn gu coinneimh còmhla rinn, agus dhiùlt iad.

"Thug sinn cuireadh dhaibh tighinn dhan Stòrr fhèin, feuch am faiceadh iad an suidheachadh ann an sin, agus cha do rinn iad sin.

"Tha cothrom againn a rèir an lagha, a dhol air ais dhan Chomhairle agus iarraidh orra beachdachadh air seo a-rithist, agus tha sinn a' dol a dhèanamh sin.

"Tha sinn air cothrom fhaighinn bruidhinn ri àrd-oifigear airson beachd fhaighinn bhuaithe-san air dè an t-slighe air adhart.

"Mura tèid sin air adhart, 's mura faigh sinn adhartas tro sin, thèid sinn dhan Riaghaltas, agus aig deireadh an là dh'fhaodadh gur ann an sin a thèid an co-dhùnadh a dhèanamh mu dheidhinn a' phròiseict seo," thuirt e.

Cuireadh

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd: "Tha a' Chomhairle air a bhith ag obair còmhla ri Urras an Taobh Sear o chionn ùine a-niste, a dh'ionnsaigh leasachaidhean mòra turasachd aig làrach an Stòirr, a tha leis a' Chomhairle.

"Bhathas a' sùileachadh gum faighte air leasachaidhean a dhèanamh ann an compàirteachas, a' coileanadh barrachd còmhla na ghabhadh dèanamh fa-leth.

"A dh'aindeoin 's gun do dhiùlt a' Chomhairle iarrtas an Urrais san riochd sa bheil e an-dràsta, tha a' Chomhairle fhathast dòchasach gun gabh na leasachaidhean mòra a tha a dhìth aig an làraich coileanadh tro chompàirteachas, agus thug a' Chomhairle cuireadh dhan Urras conaltradh a chumail suas a dh'ionnsaigh fuasglaidh.

"Chaidh adhbharan na Comhairle an t-iarrtas a dhiùltadh a mhìneachadh ann an Sanas a' Cho-dhùnaidh, a tha ri fhaighinn air làrach-lìn na Comhairle".