Plana gus stèiseanan poilis a dhùnadh

Stèisan Poilis Dhùn Bheagann Image copyright Geograph/Richard Dorrell

Thuirt Poilis Alba gu bheil iad a' beachdachadh air dusan stèisean poilis air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a dhùnadh.

Tha am feachd ag ràdh nach eil feum orra tuilleadh, agus tha iad a' sireadh cead bho Ùghdarras Poilis na h-Alba (SPA) co-luadar poblach a thòiseachadh mu dè a bu chòir a bhith air a dhèanamh leis na togalaichean.

Tha na Poilis airson 53 togalach a dhùnadh air feadh Alba uile gu lèir an dèidh dhaibh ath-sgrùdadh a dhèanamh air oighreachd nam Poileas air fad.

A rèir an fheachd tha deich de na stèiseanan poilis sin gan cleachdadh gu cunbhalach, ach tha an còrr falamh.

Tha stèisean Loch Baghasdail ann an Uibhist a Deas, agus Dùn Bheagain agus an t-Ath Leathann san Eilean Sgitheannach am measg na thathas airson a dhùnadh.

Thèid iarraidh air an SPA co-chomhairle trì mìosan a thòiseachadh mun chùis aig coinneimh Diardaoin.

Thuirt an Leas Àrd-Chonstabal, Anndra Cowie, gun deach oighreachd mhòr fhàgail aig an fheachd stèidhichte air aontaidhean a chaidh a chur air dòigh bho chionn bliadhnaichean.

Thuirt e nach robh tòrr de na togalaichean freagarrach airson obair phoileas san là a th' ann, agus nach robh a bhith gan cumail a' dol a dhèanamh ciall a thaobh ionmhais san àm ri teachd.