Binn prìosan do dh'fhear a chlàr ionnsaighean drabasta

Àrd-Chùirt Dhùn Èideann Image copyright Geograph/Bill Henderson
Image caption Chumar cùis-lagha Mharc Ronald ann an Àrd-cCùirt Dhùn Èideann.

Chaidh fireannach às an Eilean Sgitheanach a chlàr e fhèin ag èigneachadh agus a' toirt ionnsaigh dhrabasta air boireannach so-leònta a chur dhan phrìosan airson naoi bliadhna.

Bha Marc Ronald, aois 45, à Dùn Bheagain, air a dhol às àicheadh gun tug e ionnsaigh air a' bhoireannach ann an Arcaibh agus faisg air Inbhir Pheofharain.

Ach fhuair diùraidh ciontach e ann an Àrd-Chùirt Dhùn Èideann.

Bha dà chasaid èigneachaidh agus trì casaidean ionnsaighean drabasta air a chur às leth Ronald.

Bha am boireannach air an tug e ionnsaigh fo bhuaidh na dibhe neo eile, na cadal agus gun chomas cead a thoirt seachad neo a dhiùltadh.

Thuirt Ronald gun robh an dithis an sàs ann an cleasan-feise le toil a' bhoireannaich.

Ach cha do ghabh an diùraidh ri sin an dèidh dhaibh dealbhan fhaicinn de Ronald a' toirt ionnsaigh air a' bhoireannach.

A' toirt binn naoi bliadhna sa phrìosan dha thuirt am britheamh, am Morair Pentland, gun robh na h-ionnsaighean maslach agus gun robh Ronald air am boireannach a làimhseachadh mar tè airson feise.

Mhol am brithreamh am boireannach airson a cuid gaisgeachd agus a dìcheall ann a bhith a' toirt Ronald gu lagh.

Fhuair i lorg air dealbhan de na h-ionnsaighean air coimpiutair-uchd Ronald an dèidh dhi dèanamh a-mach gur e ainm a' bhàta air an robh e na sgiobair a bh' aige mar fhacail-faire.

Chaidh Ronald a chur air clàr nan drabastairean.