Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan 11:00m, le clàr-fuaime na chois.

27 An t-Sultain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bombardier

Thuirt Theresa May gur e fìor bhriseadh dùil a th'ann gum bidh Aimeireaga a' cur chìsean malairt mòra air a' chompanaidh phlèanaichean Bombardier, a tha a' toirt cosnadh do chorr 's ceithir mìle duine ann an Eirinn a Tuath. Ghabh Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte ri gearan bho chompanaidh eile, Boeing, gu robh Bombardier a' faighinn taic stàite. Thuirt am prìomhaire gum bi an riaghaltas ag obair còmhla ris a' chompanaidh 'son dìon a chur air cosnaidhean ann am Beul Feirste.

Na Làbaraich

Bheir Jeremy Corbyn co-labhairt nan Làbarach ann am Brighton gu ceann an-diugh le teachdaireachd gu bheil iad deiseil 'son tilleadh mar riaghaltas. Canaidh e gun tug adhartas nan Làbarach aig an taghadh choitchionn san Ogmhios rabhadh dha na Tòraidhean.

Airgead diolaidh

Dh'aontaich an Ard-chùirt airgead diolaidh do bhoireannaich a chaidh fo obair-lannsa broillich air nach robh feum aca. Gheibh mu 750 boireannach, a chaidh chun lannsair, Iain MacPheadrais, airgead bhon stòras de £37m. Chaidh MacPheadrais a chur dhan phrìosan 'son 15 bliadhna sa Chèitean am bliadhna.

Ionad Stòr-data Nàiseanta

Tha Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Mairead Davidson, a' gearain gun do dhiult Polais na h-Alba a tagradh, fo Achd Shaorsa an Fhiosrachaidh, sealladh fhaighinn air a' phlana ghnothachais airson an Stòr-data Nàiseanta ùr ann an Inbhir Nis. Tha duil gun toir coinneamh a-màireach cead dhan ionad ùr sin, ach tha e coltach nach ann an Inbhir Nis a mhàin a bhios e, agus gum bidh ionad eile den aon sheòrsa ann an Glaschu. Thuirt Màiread Davidson gu bheil i gu math mì-thoilichte leis an dòigh 'san do dhèilig na polais ris a' chùis.

Bodach an Stòirr

Tha Urras an Taobh Sear san Eilean Sgitheanach deiseil 'son a dhol dhan Riaghaltas mur a tig adhartas à còmhraidhean le Comhairle na Gàidhealtachd mu leasachadh aig an Stòrr, fear de phrìomh làraich turasachd an eilein. Dhiult a' chomhairle, bho chionn ghoirid, plana an urrais 'son an talamh a gabhail thairis agus goireasan a chur ann do luchd-turais.

Taigheadas dùthchail

Dh'aontaich Comataidh nan Coimhearsnachd agus Taigheadas aig Comhairle nan Eilean Siar gur anns na sgìrean dùthchail a thogas iad a' mhòr-chuid de thaigheadas sòisealta air an ath chòig bliadhna. Tha còrr 's £40m aca 'sa bhuidseat agus ghabh iad ri moladh bho Fhear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, gu feum iad taighean agus cosnadh a' sgaoileadh a-mach à Steòrnabhagh ma tha sgìrean dùthchail gu bhith shoirbheachail.