"Bun-Sgoil Steòrnabhaigh freagarrach"

Soidhne Bun-shoil Steòrnabhaigh

Tha ceistean air èirigh mu cho freagarrach 's a tha Bun-Sgoil Steòrnabhaigh.

Thog comann phàrantan na sgoile sreath dhraghan le Comhairle nan Eilean Siar.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil iad air a' chùis a rannsachadh, agus gu bheil an togalach agus na goireasan freagarrach.

Dh'adhbhraich a' chùis deasbad mòr ge-tà, aig coinneimh de Chomataidh an Fhoghlaim Dimàirt.

Tha 461 sgoilear san sgoil, ach ghabhaidh i suas ri 570 duine cloinne.

Chaidh a togail ann an 1969 agus tha i air a meas aig an dàrna ìre as fheàrr a thaobh staid an togalaich - sin ìre B.

'S i ìre A an ìre as fheàrr a gheibhear san t-siostam mheasaidh sin.

Ach tha dragh air pàrantan agus Comhairle nam Pàrant mu staid an togalaich a dh'aindeoin sin, an dà chuid air an taobh a-staigh agus air an taobh a-muigh.

Draghan

Tha iad ag ràdh gu bheil an sgoil, agus na goireasan na broinn, ro bheag.

Leis gun do leudaich an sgòil-àraich tha e coltach gu bheil cuid de na seòmraichean san sgoil a-nis gan cleachadh leis an sgoil-àraich.

Tha ceist ann a bheil an talla-spòrs mòr gu leòr airson feumalachdan na sgoile - gu h-àraid a thaobh a bhith a' coileanadh targaidean eacarsaich chloinne.

Tha pàrantan ag ràdh gu bheil na goireasan far am bi a' chlann a' deasachadh airson spòrs ann an droch staid.

Image copyright Google

Dh'aidich a' Chomhairle fhèin sin agus cha tèid an cleachdadh an-dràsta.

Thuirt pàrantan cuideachd gu bheil cuid de na seòmraichean a chaidh a chur mu seach 'son IT a-nis gan cleachdadh mar seòmraichean teagaisg àbhaisteach agus tha bùird agus sèithrichean taobh a-muigh nan seòmraichean-teagaisg leis nach eil àite gu leòr ann dhaibh san t-seòmar fhèin.

Thuirt Stiùiriche an Fhoghlaim gur e rud àbhaisteach a bha sin airson diofar chothroman ionnsachaidh a thoirt do sgoilearan.

Tha dragh ann cuideachd mu thaobh a-muigh na sgoile agus an raon-cluiche tric a' lìonadh le uisge.

Thogar ceist cuideachd a bheil àite gu leòr ann 'son na h-àireimh cloinne a th' ann agus chaidh iomadach gearan a dhèanamh sna bliadhnaichean mu dheireadh mun rathad taobh a-muigh na sgoile.

Sgrùdadh

An dèidh do phàrantan gearain ris a' Chomhairle dh'aontaich Comataidh an Fhoghlaim san Ògmhios a' chùis a rannsachadh.

Chuir Stiùiriche an Fhoghlaim buil an sgrùdaidh sin fa chomhair a' phobaill aig coinneimh den chomataidh Dimàirt.

Dh'innis Bernard Siosalach dhan choinneimh gun do rannsaich a' Chomhairle na gearainean air fad agus gun do cho-dhùin iad gu bheil an sgoil freagarrach a thaobh meudachd 's nan goireasan a th' innte agus nach eil càil de na tha a' dèanamh dragh do dhaoine a' toirt droch bhuaidh air foghlam na cloinne.

Cha do chòrd sin ris a h-uile duine aig a' choinnneimh. Thuirt Rae MacCoinnich, a tha na chomhairliche ann an Steòrnabhaigh, gun robh a' Chomhairle a' diùltadh gabhail ris gun robh trioblaidean le Bun-Sgoil Steòrnabhaigh.

Cha robh comhairliche eile à Steòrnabhagh, Charlie MacNeacail, air a dhòigh nas motha. Ruith esan tro liosta fhada de thrioblaidean leis an sgoil agus dh'iarr e gun deadh obair a thòiseachadh sa bhad 'son coimhead air cùisean atharrachadh san sgoil.

Dh'iarr e cuideachd gun deadh sgoil ùr a thogail an ceann deich bliadhna eile tro phrògram calpa na Comhairle.

Ach chaidh a ràdh ris gu bheil prìomhachas ga thoirt do phròiseactan togail 'son sgoiltean a th' ann an staid nas miosa na Bun-Sgoil Steòrnabhaigh.

Chan eil dùil ri gluasad air a' chùis, gu h-àraid le cho gann 's a tha sporan an ùghdarrais ionadail.

Ach le còrr is ceud taigh ùr ga thogail air iomall baile Steòrnabhaigh, rud a dh'fhaodadh tuilleadh uallaich a chur air goireasan na sgoile, tha fios gun tèid gearainean a thogail a-rithist.