Factaraidh ùr a' toirt buaidh air làraich eachdraidheil ann an Inbhir Lòchaidh?

Lochaber Smelter
Image caption Bhiodh factaraidh chuibhlichean mar phàirt do leasachadh air leaghadair aluminium a' Ghearasdain

Tha buidheann dualchais Riaghltas na h-Alba air fàilte a chur air planaichean 'son sgrùdadh a dhèanamh air a' bhuaidh a dh'fhaodadh factaraidh ùr a thoirt air làraich eachraidheil ann an Loch Abar.

Tha a' chompanaidh a tha a' ruith leaghadair aluminium a' Ghearasdain, GFG Alliance, an dòchas cead-dealbhachaidh iarraidh 'son factaraidh chuibhlichean san t-Samhain.

Thuirt GFG Alliance gu bheil iad an dòchas gun tèid 600 cosnadh a chruthachadh san fhactaraidh ùr.

Ach, tha dragh air nochdadh mun làraich a chaidh a thaghadh air a shon agus làraich far an robh dà bhlàr ann an Inbhir Lòchaidh faisg air làimh.

Bha a' chiad bhlàr eadar Tighearna nan Eilean agus Crùn na h-Alba ann an 1431.

Bha an dara blàr ann nuair a shoirbhich le Seumas Greumach, Marcais Mhonadh Rois, tro bhlàir Chogaidhean nan Trì Rìoghachd ann an 1645.

Thuirt GFG Alliance gu bheil iad airson leasachaidhean a dhèanamh ann an dòigh a tha mothachail air na th' air tachairt air an talamh.

Thuirt Àrainneachd Eachdraidheal na h-Alba gu bheil iad ag aithneachadh gum faodadh buaidh eaconamach tighinn à leasachadh mar seo.

Ach, leis cho cudthromach sa tha na h-àiteachan gu h-eachdraidheal, tha iad a' cur fàilte air an naidheachd gu bheil sgrùdadh ga dhèanamh air a' bhuaidh a dh' fhaodadh factaraidh ùr a thoirt air na làraich.