Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan 11:00m, le clàr-fuaime na chois.

26 An t-Sultain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Eucoirean-feise

Tha eucoirean-feise a thàinig gu aire nam poileas an àrd a-rithist, a-rèir àireamhan a chaidh ùr fhoillseachadh. Chaidh eucoirean-fèise gun fhòirneirt suas 6% ann am bliadhna. Chan eil iad sin a' gabhail a-steach èigneachadh. Dh' fhoillsich Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' dol a thoirt sùil air dòighean ùra airson dèiligeadh leis a' chùis. Sheall rannsachadh a rinn iad gu bheil eileamaid air loidhne ann an còrr air dàrna leth nan àireamhan a bharrachd.

Seirbheisean poblach

Tha eòlaichean eaconomaigeach ag ràdh nach urrainn do dh'Alba a cumail a' cosg uidhir air seirbheisean poblach 's a bha. A-rèir aithisg bho Institiud Fraser of Allander, 's e gearraidhean a th'air fàire. Tha iad ag iarraidh deasbad fhosgailte phoblach mu sheirbheisean. Foillsichidh Rùnaire an Ionmhais Derek MacAoidh am buidseat aige anns An Dùbhlachd. Tha ministearan mar thà air a ràdh gu bheil iad deònach sùil a thoirt air àrdachadh chìsean airson seirbheisean a chumail a' dol.

Coirèa a Tuath

Chàin an Taigh Geal beachd Choirèa a Tuath a thuirt gu bheil làn chòir acasan losgadh air plèanaichean cogaidh Aimeireaganach fiù 's ged nach biodh iad ann an spàs-adhair Coirèanach. Thuirt na h-Aimeireaganaich cuideachd gur e gòraich a bh'ann am beachd Phyongyang gu bheil na Stàitean Aonaichte air cogadh a ghairm nan aghaidh.

Dàrna referendum

A-rèir a' Bhuill-Phàrlamaid Pete Wishart bhon SNP, bu chòir dhan phàrtaidh "mandat ùr" a shireadh aig an ath thaghadh gu Holyrood airson dàrna referendum air neo-eisimeileachd. A' sgrìobhadh anns a' phàipear-naidheachd An National thuirt Maighstir Wishart gu bheil spionnadh às ùr a dhìth air an iomairt airson neo-eisimeileachd. Tha Nicola Sturgeon air a ràdh mar thà gum beachdaich ise air ceist referendum a-rithist nuair a bhios còmhraidhean Bhrexit seachad.

Dùthaich nan Cùrdach

Tha iad a' cunntadh nan bhòtaichean anns an referendum airson neo-eisimeileachd do dhùthaich nan Cùrdach an ceann a tuath Ioràc. Tha a h-uile coltas gum bi fìor mhòr-chuid ann airson stàit neo-eisimeileach Cùrdach a stèidheachadh. Ach, chan eil seasamh aig an referendum le riaghaltas Ioràc agus chaidh a chàineadh cuideachd leis An Tuirc agus Ioràn, aig a bheil sgìrean Cùrdach iad fhèin.

Am Morair Duncan

Thèid ceistean mu cheangal dealain eadar na h-Eileanan Siar agus tìr-mòr agus ceistean mu ghnìomhachas an iasgaich às dèidh Brexit a chuir ri Fo-Rùnaire Stàite na h-Alba, am Morair Duncan. Tadhlaidh esan air Leòdhas agus na Hearadh air an deireadh-seachdain. Tha na h-iasgairean a' coimhead air Brexit mar chothrom air cumhachdan fhaighinn air ais. Agus, tha Comhairle nan Eilean Siar a' faicinn a' chàbail dealain fìor chudromach do dh'econamaidh nan Eilean.