A' chuirm mu dheireadh aig Runrig

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Runrig a' sguir a chluich

Às dèidh 45 bliadhna air àrd-ùrlaran air feadh an t-saoghail, tha Runrig air innse gu bheil iad a' dol a chumail a' chuirm-chiùil bheò mu dheireadh aca.

Bidh a' chuirm 'The Last Dance' ann an Sruighlea air Disathairne an 18mh den Lùnastal 2018.

Comharraichidh a' chuirm-chiùil na tha Runrig air a dhèanamh thar na 45 bliadhna mu dheireadh.

Dh'innis an còmhlan gu bheil iad airson taing a thoirt dhan luchd-leanntainn aca cuideachd.

Chaidh Runrig a stèidheachadh ann an 1973 san Eilean Sgitheanach. Dh'fhoillsich iad a' chiad chlàr aca 'Play Gaelic' ann an 1978.

Thar nam bliadhnaichean tha iad air cluich air feadh an t-saoghail. Chaidh na tiocaidean gu lèir a reic 'son nan cuirmean-ciùil aca ann an Talla Rìoghail Albert ann an Lunnainn ann an 1995 agus 1996.

Dh'fhoillsich Runrig an clàr mu dheireadh aca bhon stiùidio 'The Story' ann an 2016.

Image copyright Runrig
Image caption Thèid a' chuirm mu dheireadh aig Runrig a chumail ann an Sruighlea air an 18mh den Lùnastal 2018.

An t-àm ceart

Tha an còmhlan-ciùil air tighinn dhan cho-dhùnadh aon sreath mu dheireadh de chuirmean a dheànamh.

Thèid na cuirmean, air a bheil 'The Final Mile', a chumail sa Ghearmailt, san Danmhairg agus ann an Sasainn.

'S ann ann an Sruighlea a bhios a' chiurm-chiùil mu dheireadh dhan t-sreath.

Thuirt Calum Dòmhnallach bho Runrig nach e co-dhùnadh furasta a bh' ann dhan a' chòmhlan.

''Tha sinn a' faireachdainn gu bheil an t-àm ceart ann 'son co-dhùnadh deimhinneach dhan a' chòmhlan agus na tha sinn air a dheànamh a chomharrachadh.''

Thuirt Malcolm Jones bho Runrig gu bheil feadhainn bhon a' chòmhlan fhathast gu bhith a' sgrìobhadh òrain, a' clàradh agus an sàs ann an cuirmean beò fa leth.

Thuirt e gu bheil pròiseactean mu dhìleab Runrig san amharc cuideachd.

Thuirt Les Kidger, Stiùiriche LCC Live, a tha a' cur a' chuirm mu dheireadh air dòigh, gun e tachartas mòr a bhios ann.

''Bidh suas ri 25,000 tiocaid ri fhaotainn do luchd-leantainn Runrig airson na cuirm-ciùil mu dheireadh aca.

''Tha an còmhlan an dòchas ceòl a chluich bhon 45 bliadhna a chaidh seachad aig a' chuirm,'' thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo