Seann chompanaidh muilne air sguir a mhalairt

Clò Hearach

Tha a' companaidh leis an robh Muileann Chàrlabhaigh, HTT Manufacturing, air sguir a mhalairt.

Tha a' chompanaidh leis a bheil a' mhuileann an-diugh, Muileann Chàrlabhagh Earranta, fhathast a' malairt, ach le HTT air dhol à bith, tha e a' fagail cheistean mu na fiachan aca le Comhairle nan Eilean Siar.

Chaidh a' mhuileann a cheannach le Anthony Lofthouse agus Annie Dhòmhnallach airson not na bu tràithe air a' bhliadhna 's a' chompanaidh ann an cunnart a dhol ann an rianachd.

Tha mòran dhuilgheadasan ionmhais air a bhith aig Muileann Chàrlabhaigh tro na bliadhnaichean.

Taic ionmhais

Thairis air an deich bliadhna a dh'fhalbh fhuair HTT Manufacturing faisg air £500,000 de thaic airgid bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Comhairle nan Eilean Siar.

Bho 2010 tha a' chomhairle air £75,000 a chur dhan chompanaidh.

Aig toiseach na bliadhna nuair a bha HTT Manufacturing ann an cunnart dhol ann an rianachd chaidh an gnothachas a cheannach le companaidh a bha air ùr stèidheachadh, Muileann Chàrlabhaigh Earranta.

Tha am BBC a' tuigsinn ged a ghabh Muileann Chàrlabhaigh Earranta cùisean os làimh gu bheil fiachainn de £75,000 fhathast leis an t-seann chompanaidh HTT Manufacturing agus leis gu bheil a' chompanaidh sin air a dhol à bith tha ceist ann ciamar a gheibh a' chomhairle an t-airgead aca air ais.

Roghainnean

Cha robh Comhairle nan Eilean Siar airson cus a ràdh mun chùis, ach tha am BBC a' tuigsinn gu bheil iad a' faighinn comhairle laghail air a' chùis agus gu robh coinneamh aca le riochdaire bhon mhuileann feasgar Dimàirt.

Thuirt neach-labhairt an ùghdarrais ionadail gu robh iad air fios fhaighinn bho stiùirichean na companaidh gu robh HTT air sguir a mhalairt agus gu robh iad a-nis a' coimhead ri na roghainnean a bh' aca.

Cha robh Muileann Chàrlabhagh Earranta deònach càil a ràdh mu shuidheachadh HTT Manufacturing agus a' chomhairle.

Thuirt iad nach robh càil dhan a seo a toirt buaidh air Muileann Chàrlabhaidh agus gu robh iad a' cumail a' dol a' malairt mar as àbhaist.

Tuilleadh air an sgeulachd seo