Leabhar-lann Inbhir Nis dùinte

Leabhar-lann Inbhir Nis Image copyright Geograph/Dave Fergusson

Tha an leabhar-lann ann am baile Inbhir Nis dùinte an dèidh mar a thuit spruilleach bhon mhullach taobh a-staigh an togalaich.

Tha High Life Highland, a' bhuidhean a tha a' ruith na seirbheis dha Comhairle na Gàidhealtachd, a' rannsachadh na cùise.

'S ann mu 15:30 feasgar Diluain a thachair an tubaist.

Cha deach duine a ghoirteachadh.

Chaidh iarraidh air a h-uile duine an togalach fhàgail.

Cho-dhùin High Life Highland cuideachd an leabhar-lann a dhùnadh ri linn dragh mu shàbhailteachd a' phobaill.

Tha iad a nis a' rannsachadh na cùis.

Nì Comhairle na Gàidhealtachd sgrùdadh mionaideach air an togalach fhèin.

Chan eil fios cinnteach ann fhathast cuin dìreach a dh'fhosglas an leabhar-lann.