Am Morair Duncan gu bhith sna h-Eileanan Siar

An Tairbeart Image copyright Geograph / James Allan

Thèid ceistean mu dheidhinn ceangal dealain ri tìr-mòr agus cor an iasgaich às dèidh Brexit a chur air Fo-rùnaire na h-Alba, am Morair Iain Duncan, a tha gu bhith air turas dha na h-eileanan.

Tha e gu bhith a' tadhal air Leòdhas agus na Hearadh Diardaoin agus Dihaoine.

Air a thuras bidh coinneamh aige le Comhairle nan Eilean Siar a thuilleadh air iasgairean nan eilean.

Tadhlaidh e cuideachd air Muileann Shiaboist agus air Taigh-staile na Hearadh.

Tha iasgairean nan eilean airson bruidhinn ris a' Mhorair Duncan mu na cothroman a bhios ann dhaibh às dèidh Brexit.

Togaidh iad gu h-àraidh air smachd a bharrachd fhaighinn air an iasgach, tuilleadh chuideaman-ceadaichte agus faochadh bho smachd sgìrean glèidhte mara.

Tha am Morair Duncan air a ràdh gur ann ri Riaghltas na h-Alba a tha na làraich ghlèidhte an urra agus gum faodadh iad stad a chur orra an-dràsta.

Image caption Tha càbal riatanach airson cumhachd ath-nuadhachail a leasachadh sna h-Eileanan Siar.

Thèid iarraidh air a' Mhorair Duncan cuideachd cabhag a chur air cabal dealain a chur eadar na h-Eileanan an Iar agus tìr-mòr na h-Alba.

Tha e air a ràdh roimhe g' eil e airson 's gun soirbhich cothroman cumhachd ath-nuadhachail gu ìre àrd anns na h-eileanan.

Thuirt e gu bheil an riaghltas a' feuchainn ri taic-airgid shònraichte fhaighinn do chumhachd ath-nuadhachail anns na h-eileanan agus gu bheil e an dòchas gun tachair sin an ceann dà bhliadhna.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' faicinn càbal dealain mar rud fìor chudthromach do dh' eaconamaidh nan Eilean.

Thuirt am Morair Duncan cuideachd gu bheil an riaghltas ag obair air suim-airgid fhaighinn do na h-eileanan, mar a th' anns na h-aontaidhean baile air tìr-mòr, gus leasachadh a thoirt air an eaconamaidh.