"Pàighear croitearan 'son am fearann obrachadh"

Croitearachd Image copyright Hazel Smith

'S e ciamar a chumadh Riaghaltas na h-Alba taic ri croitearachd san àm ri teachd fear de na prìomh chuspairean a nochd aig coinneimh de Choimisean na Croitearachd an Uibhist a Deas oidhche Mhàirt.

Nochd beachd bho aon de luchd-obrach a' Choimisein gum bu chòir croitearan pàigheadh fhaighinn airson a bhith ag obrachadh an fhearainn.

"Bha e inntinneach a' faicinn gun robh daoine mothachail air cho cudromach 's a tha e gum faigh croitearan taic agus gum bi iad air am brosnachadh am fearann aca obrachadh," thuirt Coimiseanair nan Eilean Siar, Iain MacÌomhair.

"Gu soilleir chan eil sin a' tachairt nan sùileansan an-dràsta.

Cothromachd

"Agus an àite a bhith a' cur chnapan-starra nan aghaidh, 's ann a bu chòir dhan Riaghaltas - sin a bha a' tighinn troimhe - a bhith a' pàigheadh dhaoine airson a bhith ag obrachadh an fhearainn, agus mar sin chì sinn barrachd chroitearachd agus chì sinn barrachd bhuannachd a' tighinn dha na coimhearsnachdan.

"Tha mi an dòchas anns na mìosan a tha romhainn, nuair a bhios sinn a' coimhead ri dè na h-atharrachaidhean a bhiodh a dhìth, nam b' e agus gum faigh an Coimisean uallach leasachadh a thoirt air croitearachd, bhiodh e iomchaidh coimhead ri dè na dòighean a b' urrainn croitearan fhèin a bhith air am brosnachadh, agus daoine a' faicinn an fheum a tha e a' dèanamh.

"Bha sgeamaichean ann uaireigin far an robh croitearan a' faighinn airgid airson a bhith a' cur air an fhearann, agus gheibheadh iad cuideachadh airson aol no gainmheach a chur air an talamh.

"Bha sin an uair sin a' toirt bàrr na b' fheàrr, agus bha an stoc na b' fheàrr, 's bha an talamh na b' fheàrr, 's bha an talamh air obrachadh.

"Bha a' choimhearsnachd a' buannachadh oir bha airgead a' tighinn a-steach dhan choimhearsnachd, 's chan e a-mhàin croitearan a bha a' faighinn buannachd nan grantaichean sin, ach na companaidhean beaga 's daoine aig an robh sgilean is ceàrdan anns na coimhearsnachdan sin, bha iadsan a' faighinn obair.

"Ach tha e glè cheàrr a bhith a' toirt airgid dha daoine aig nach eil feum air an airgead sin, mar a tha thu a' faicinn tacannan is tuathanaich mhòra leis an talamh as fheàrr a th' anns an Rìoghachd a' faighinn a' chuid mhòir den taic a tha a' tighinn.

"Chan eil sinne ag iarraidh barrachd airgid, ach gum bi e nas cothromaiche air a roinn, agus nan tachradh sin ann an dùthchannan iomallach far a bheil croitearan agus tuathanaich air talamh àrd gu math dona dheth, agus chan eil fhios dè cho fada 's a chumas sin a' dol, mura tèid an taic a chur nas fheàrr na tha e an-dràsta," thuirt e.