Barrachd airgid ga shireadh 'son nan gèadh

Geòidh Image copyright Les Hull/Geograph

Sgrìobh Comataidh Croitearachd Comhairle nan Eilean Siar gu Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh tuilleadh airgid mu choinneimh spadadh nan gèadh.

Thàinig sgeama poidhleat a bha ag amas air smachd a chumail air àireamh nan gèadh ann an Leòdhas is na Hearadh gu ceann am-bliadhna.

Thòisich an sgeama ann an 2015.

Bha buidheann ionadail ga stiùireadh le taic bho SNH.

Thuirt a' bhuidheann stiùiridh gun deach còrr is 5,000 gèadh a mharbhadh fhad 's a bha an sgeama a' dol.

Tha na mìlltean de gheòidh fhathast ann an Leòdhas is na Hearadh ge-tà, is dragh ann mun bhuaidh aca air talamh àiteachais.

Riatanach

Tha Comataidh Croitearachd Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil e deatamach gun tèid an sgeama a chumail a' dol.

Ann an litir gu Rùnaire na h-Àrainneachd, Roseanna Choineagan, tha cathraiche na comataidh, Dòmhnall Crichton, ag iarraidh tuilleadh airgid.

Thuirt e gu bheil an stòras a th' ann air a roinn eadar grunn sgìrean, is nach airgead gu leòr idir ann.

Tha dragh air cuideachd nach eil e laghail a-nise feòil nan gèadh a reic, mar a bha e nuair a bha an sgeama poidhleat ann.

As aonais sgeama spadaidh agus cead feòil nan gèadh a reic, thèid na h-àireamhan suas gu mòr, thuirt e.

Dh'iarr Mgr Crichton coinneamh le Roseanna Choineagan airson a' chùis a dheasbad.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile