Dà chùis èiginn am Port Rìgh air an cur dhan Àth Leathann

Ospadal Phort Rìgh Image copyright Des Colhoun/Geograph

Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gun deach dèiligeadh ri dà chùis èiginn nuair nach robh cùram èiginneach ri fhaotainn aig ospadal Phort Rìgh.

Cha robh seirbheis chùram eiginneach ri faighinn aig an ospadal oidhche Mhàirt no oidhche Chiadain an t-seachdain seo.

Chaidh an t-seirbheis a tharraing san eadar-ama ri linn cion luchd-obrach.

Dhearbh am bòrd slàinte gun deach dèiligeadh le dithis euslainteach aig a' char as àirde aig ospadal an Àth Leathainn, a tha còrr is 40 mìle air falbh, seach ann am Port Rìgh.

Tha cuid san Eilean Sgitheanach den bheachd gu bheil Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd a' lùghdachadh sheirbheisean a dh'aona-ghnothaich.

Thuirt am bòrd slàinte gur e cion luchd-obrach a bu choireach gun tàinig orra an ceum seo a ghabhail.

Thuirt iad gu bheil iad a' dèanamh nas urrainn dhaibh airson luchd-obrach fhastadh agus a chumail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile