Dearbhadh air aithne Thorsten Khulke

Torsten Kulke Image copyright Police Scotland
Image caption Chaidh iomairt teasairginn mhòr a chur air dòigh ann an oidhirp lorg fhaighinn air Mgr Kulke.

Dhearbh na Poilis gur e corp an fhir-turais Ghearmailtich Torsten Kulke a fhuaireas ann an Leòdhas bho chionn mìos.

Chaidh iomairt mhòr a chur air chois ann an oidhirp lorg fhaighinn air Mgr Kulke, a bha 48.

Thug an Insp. Sìne NicNeacail taing dhan phoball a thug fiosrachadh seachad a chuidich leis an iomairt-teasairginn.

Chan eil càil amharasach mun bhàs agus thèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo