Dachannan oileanach a dhìth sa Ghearasdan

An Gearasdan Image copyright Richard Webb/Geograph

Tha uimhir de dh'oileanaich a-nise a' dol gu Colaiste Thaobh Siar na Gàidhealtachd anns a' Ghearasdan agus gu bheil feum air àite-fuirich ùr dhaibh.

Thathas ag iarraidh cead-dealbhachaidh airson togalach a thogail faisg air meadhan a' bhaile airson 40 oileanach.

Tha a' cholaiste air sìor fhàs anns na còig bliadhna mu dheireadh, agus ùidh mhòr ga sealltainn air an cùrsa spòrs a-muigh, a tha stèidhichte anns a' Ghearasdan.

"Chan eil àite eile ann an Alba - gu dearbha tha feadhainn ag ràdh nach eil àite eile san Roinn Eòrpa - a tha cho freagarrach, agus a' faodainn deagh chothroman a bhith a-muigh air àrainneachd a tha cho brèagha 's cho freagarrach airson spòrs," thuirt Donnchadh Fearghasdan, a th' air bòrd-stiùiridh na còlaiste.

"'S tha sin a' tarraing nan oileanach bho air feadh Bhreatainn, agus gu dearbha, bha sinn a' faighinn tòrr oileanach a' tighinn às an Roinn Eòrpa cuideachd, agus tha sinn an dòchas gun lean sin," thuirt e.

Chan eil ach bliadhna ann bho dh'fhosgail a' chiad àite-fuirich do dh'oileanaich, ach thathas a-nise a' sireadh cead-dealbhachaidh gus togalach ùr a thogail air Rathad an Fhàsaidh Fheàrna, faisg air meadhain a' bhaile, anns am biodh àite do 40 oileanach 'son 's gun rachadh aca ri iarrtasan nan oileanach a thaobh àiteachan-fuirich a choileanadh.

"Daonnan nuair a tha thu a' togail àiteachan ùra, bu chòir dhut a bhith a' smaoineachadh air oileanaich a' tighinn le càraichean, a' tighinn le baidhseagalan, gu bheil a h-uile goireas agad," thuirt Mgr Fearghasdan.

"So le sin, feumaidh sinn a bhith smaoineachail, is tha mi an dòchas gum bi Comhairle na Gàidhealtachd cuideachail agus taiceil gus am faigh sinn àite a tha goireasach anns a h-uile dòigh airson nan oileanach," thuirt e.

Coinnichidh bòrd na colaiste ann am Malaig an ceann trì seachdainnean, agus dùil gun toir iad sùil an uairsin air na feumlachdan a bhios aig a' cholaiste anns na bliadhnaichean ri thighinn.