Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An t-Sultain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tùr Ghrenfell

Tha an rannsachadh poblach air teine Tùr Ghrenfell air tòiseachadh. Bidh an rannsachadh a' coimhead ri mar a thòisich agus mar a sgaoil an teine; na riaghailtean mu choinneimh thogalaichean àrda; agus obair an ùghdarrais ionadail sa chùis. Chaochail co-dhiù 80 duine san teine sa bhloca-flataichean ann an taobh siar Lunnainn san Ògmhios. Thuirt Sir Màrtainn Moore-Bick, a tha os cionn an rannsachaidh, gun tèid freagairtean a lorg dhan fheadhainn air an tug an teine buaidh.

An MV Hebrides

Fhuair rannsachadh air mar a chaidh am bàt-aiseig an Hebrides air tìr ann an Loch nam Madadh an-uiridh gur e droch chàradh air siostam a' phroipeileir a bu choireach airson na thachair. Fhuair luchd-rannsachaidh nach robh bileag fiosrachaidh an cois a' phàirt ùir nuair a chaidh a chur an sàs, a' ciallachadh nach deach a chur a-steach mar a bu chòir. Chaidh co-dhùnadh cuideachd nach robh na h-oifigearan air an deasachadh airson suidheachaidh den t-seòrsa. Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gu bheil iad air ceumannan a ghabhail gus tubaistean eile mar seo a sheachnadh, 's iad air barrachd trèanaidh a thoirt don luchd-obrach aca gus dèiligeadh ri suidheachaidhean de a leithid.

Ospadal Phort Rìgh

Dhearbh NHS na Gàidhealtachd gum bi an t-ionad cùraim èiginneach aig Ospadal Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach a' fosgladh às ùr bho 6:00f a-nochd. Chaidh stad a chur air an t-seirbheis an-raoir 's a' bhòn-raoir, is am Bòrd-Slàinte ag ràdh gun robh gainneadh luchd-obrach ri choireachadh. Dh'fheumadh luchd-obrach a ghluasad dhan Ath Leathann, agus dh'aontaich nursaichean Phort Rìgh biadh ullachadh dha na h-euslaintich an sin. Rinn a' bhuidheann iomairt NHS SOS càineadh air an t-suidheachadh, ach thuirt NHS na Gàidhealtachd gun robh iad ag obair gus luchd-obrach iomchaidh fhastadh agus a chumail.

Ceannarc

Chaidh barrachd dhaoine a chur an grèim am-bliadhna an co-cheangal ri ceannairc ann an Sasainn, a' Chuimrigh agus Alba na chaidh riamh roimhe. Sheall figearan bho Oifis na Dùthcha gun deach 379 neach a chur an grèim, dusanan dhiubh sin goirid às dèidh nan ionnsaighean ceannairc ann an Lunnainn agus Manchester.

Fox agus Sky

Thuirt Rùnaire a' Chultair, Karen Bradley, gu bheil i a' cur a' phlana fo an deadh 21st Century Fox agus Sky còmhla fa chomhair Ùghdarras nam Farpaisean 's nam Margaidhean, is dragh oirre mun bhuaidh air ìrean craolaidh. 'S ann le Fox a tha 39% de Sky, ach tha iad ag iarraidh làn-smachd air a' bhuidhinn chraolaidh.