Sgeama iasaid "gun fheum" do chroitearan

Croit Image copyright Hazel Smith

Thuirt fear de stiùirichean Chaidreachas na Croitearachd nach eil sgeama-iasaid Riaghaltas na h-Alba do thuathanaich nach d' fhuair na bha a dhìth orra tro sgeama CAP idir freagarrach do chroitearan.

Chaidh sin agus bile ùr na croitearachd a dheasbad aig Comataidh thar-phàrtaidh na Croitearachd aig Holyrood oidhche Chiadain, às dèidh dha a bhith air a dheasbad ann an seòmar na Pàrlamaid Dimàirt, nuair a dh'fhoillsich Rùnaire nan Gnothaichean Dùthchail, Fearghas Ewing, an sgeama ùr an toiseach.

Chaidh ceistean a thogail le Dòmhnall MacFhionnghain, Stiùiriche Caidreachas na Croitearachd, a bha den bheachd nach robh leithid de dh'iasad idir freagarrach do mhòran chroitearan.

"Chan eil seo a' freagairt air a h-uile croitear," thuirt e.

Bile Ùr

"Tha na h-uimhir de chroitearan, air grunn adhbharan, air a bhith a' diùltadh an t-iasad a ghabhail, agus mar thoradh air sin, cha eil iadsan a' faighinn an airgid air a bheil còir aca.

"Tha sin a' toirt buaidh air na gnothachasan aca. Chan urrainn dhaibh planaichean ionmhais a dhèanamh dha na gnothachasan aca.

"Chan eil e math gu leòr, am freagairt a th' aig Riaghaltas na h-Alba dhan trioblaid, agus feumaidh iad an t-airgead a tha seo a làimhseachadh gus am faigh a h-uile croitear cothrom air, chan ann a-mhàin dhaibhsan a tha deònach iasad a ghabhail."

Bhathas a' bruidhinn cuideachd air dè seòrsa bile ùir chroitearachd a bu chòir do Riaghaltas na h-Alba a thoirt a-steach, agus iad a' sireadh bheachdan an-dràsta.

Chaidh ceithir roinnean a dheasbad - eadar dìreach a' bhith a' cruinneachadh nan laghan a th' ann, a' dèanamh beagan ath-sgrìobhaidh agus ath-nuadhachadh, no tòiseachadh às ùr.

Ach nochd rabhadh bhon fhear-lagh chroitearachd Brian Inkster, gum feumar sin a dhèanamh gu ceart.

"Dh'fhaodadh gun tig barrachd thrioblaidean na chois na shaoilear an toiseach," thuirt e.

Trioblaidean

"Bhon bhiodh tu a' tòiseachadh le cnap gu tur ùr de laghan, seach laghan a tha sinn a' tuigsinn an-dràsta ach a tha feumach air a chàradh.

"Dh'fhaodadh tu a bhith ann an suidheachadh far an cruthaich thu laghan gu tur ùr nach deach tro dheuchainn sam bith, a chruthaicheas tuilleadh thrioblaidean san àm ri teachd, seach a bhith a' cur ceart an fheadhainn a dh'fheumas a bhith air an cur ceart."

Tha Mgr Inkster cuideachd ag ràdh nach eil tairbhe sam bith ann a bhith a' cruinneachadh nan laghan a th' ann an-dràsta.

"'S e obair gun tairbhe a tha sin, oir chan eil ann ach a bhith a' gabhail an lagha a th' ann - a tha fo dhiofar achdan - 's ga chur ann an aon àite," thuirt e.

"Chan eil freagairt an sin do dad. Tha e dìreach ga dhèanamh nas so-leughte, 's nas so-thuiginnich oir bhiodh e uile ann an aon àite, seach diofar àiteachan.

"Ach bhiodh na trioblaidean fhathast ann."

Cha deach aon dòigh a mholadh thar dòigh eile, ach bha fios is cinnt ann gum feumar crathadh a thoirt air lagh na croitearachd mar a tha e an-dràsta.