Barrachd fharpaiseach aig Mòd 2017

Clann Image copyright An Comunn Gàidhealach
Image caption Thèid cuirm-fosglaidh a' Mhòid a chumail air an 13mh là den Dàmhair

Le mìos ri dhol gus am fosgail am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar, tha an Comunn Gàidhealach ag ràdh gum bi còrr air 3,600 duine a' gabhail pàirt anns na farpaisean am-bliadhna.

Tha deich bliadhna ann bho chaidh an fhèis a chumail anns a' Ghearasdan mu dheireadh.

Thuirt Àrd-oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich, Iain Moireasdan, gu bheil iad toilichte gu bheil còisirean nach d' fhuair a Steòrnabhagh 'son Mòd na bliadhna an-uiridh a' tilleadh am-bliadhna, agus cuideachd gu bheil uimhir de dh'fharpaisich òga à sgìre Loch Abair fhèin a' gabhail pàirt am-bliadhna.

Dh'obraich iad le sgoiltean na sgìre, thuirt e, airson ùidh a thogail anns a' Mhòd.

"Rinn sinn tòrr obrach na bu thràithe am-bliadhna am measg nan sgoilearan anns an sgìre air fad - chuir sinn luchd-obrach a-steach dha na sgoiltean ann an Loch Abar air fad agus fhuair sinn cuideachadh cuideachd bho Fhèisgoil a' dol a-mach a-mach am measg nan sgoilearan agus nan sgoiltean gan teagasg anns a' Ghàidhlig agus a' teagasg òran dhaibh".

Thuirt e gu bheil grunn bhun-sgoiltean anns an sgìre air còisirean a chur air dòigh airson Mòd na bliadhna seo.

Dùbhlain

Leis mar a tha am Mòd a' gluasad gu àite eadar-dhealaichte gach bliadhna tha Iain Moireasdan ag ràdh gu bheil obair mhòr na chois.

"Ann an leithid Loch Abar tha againn ri tòiseachadh às ùr a' cruthachadh mar gum biodh talla mhòr ann an Ionad Nìbheis - tha sin cosgail agus tha e duilich a dhèanamh."

Feumaidh iad cuideachd britheamhan gu leòr fhaighinn airson farpaisean na seachdaine, agus àitean a chur air dòigh ann an togalaichean faisg air làimhe, ach thuirt e gu bheil iad toilichte gur ann ag èirigh a tha àireamh nam farpaiseach.

Tòisichidh am Mòd Dihaoine an 13mh là den Dàmhair le caismeachd lòchrannach, anns am bi na ceudan de dhaoine a' coiseachd tro shràidean a' Ghearasdain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile