'S e eilean a th' anns an Eilean Sgitheanach

Drochaid an Eilein Sgitheanaich

Tha Ball-Pàrlamaid SNP aig Holyrood air ceasnachadh an e dha-rìribh eilean a th' anns an Eilean Sgitheanach.

Thuirt Iain Mason, a tha a' riochdachadh sgìre Shettleston ann an Glaschu, nach eil trioblaidean aig an Eilean Sgitheanach le aiseagan agus còmhdhail, seach gu bheil drochaid ann gu Tìr-Mòr.

Bha e a' bruidhinn fhad 's a bha Comataidh na h-Eaconamaidh Dùthchail a' beachdachadh air Bile nan Eilean.

Thuirt am BPA Tòraidheach, Eideart Mountain, gun robh e cinnteach gun aontaicheadh a h-uile duine gur e eilean a bh' ann.

Dhearbh an Riaghaltas gur e dha-rìribh eilean a th' anns an Eilean Sgitheanach.