Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An t-Sultain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Junker

Thuirt Ceann-Suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Jean Claude Juncker, gu bheil an t-Aonadh Eòrpach a' dol am feabhas a-rithist às dèidh an staing ionmhais a bh' ann, agus às dèidh Bhrexit. Bha Mgr Juncker a' toirt seachad òraid bhliadhnail air Staid an Aonaidh Eòrpaich ann an Strasbourg. Thuirt e nach fhada gum biodh aithreachas air Breatainn a thaobh Bhrexit, ach gun robh a' ghaoth air ais ann an siùil an Aonaidh Eòrpaich.

Cion-Cosnaidh

Bha an àireamh dhaoine ann an Alba a bha às aonais obrach agus a' sireadh cosnaidh sìos beagan, gu ceud 's a dhà mhìle duine, eadar an Cèitean agus an t-Iuchar, an taca ris na trì mìosan ron sin. Nochd àireamhan ùra bho Oifis Nàiseanta na Staitistig gun robh an ìre de chion-cosnaidh ann an Alba aig 3.8 sa cheud, nas lugha na an ìre airson na Rìoghachd Aonaichte - 4.3%. Air feadh na Rìoghachd Aonaichte, thuit an àireamh dhaoine gun chosnadh cuideachd anns na trì mìosan chun an Iuchair, gu millean, ceithir cheud agus trì fichead mìle duine.

Huracan Irma

Tha Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Boris Johnson, an-diugh gu bhith a' tadhail air cuid de na h-eileanan sa Charbibbean a dh'fhulaing sgrios le huracan Irma. Rinneadh càineadh air na bha an Rìoghachd Aonaichte a' dèanamh mar thaic air na tìrean Breatannach a dh'fhulaing. Ann am Florida, thuirt oifigich gun deach dusan duine a mharbhadh leis an stoirm.

Ospadal Phort Rìgh

Tha cion luchd-obrach a' ciallachadh nach eil seirbheis dhotair ri fhaotainn taobh a-muigh uairean obrach àbhaisteach an-dràsta ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich. Thuirt NHS na Gàidhealtachd gur ann a-mhàin à Ospadal an Ath Leathainn a bhiodh seirbheisean oidhche gan lìbhrigeadh. A reir mhanaidsearan, cha bhiodh e sàbhailte seirbheisean a thoirt seachad às a' cheann a tuath.

An A82

Dh'iarr fear gnothaich a tha ag iomairt airson leasachadh air an A82 air na Poilis an dòigh sa bheil droch thubaistean air an rathad gan rannsachadh atharrachadh. Thuirt Stiùbhart MacIlleathain, a tha os cionn Caidreachas an A82 gun robh an dàil le rathaidean fhosgladh a-rithist ga dhèanamh nas miosa seach gum feumadh oifigearan siubhal à Inbhir Pheofharain airson tubaistean an rannsachadh. Dh'iarr e luchd-rannsachaidh a stèidheachadh sa Ghearasdan cuideachd. Tha rannsachadh a' leantainn air mar a chaidh fear a mharbhadh an-dè agus e a' coiseachd ri taobh an A82 ann an Gleann Comhann. Tha dùil gun do bhuail bhana-campachaidh ann.

Cataluinia

Tha luchd-casaid ann an Cataluinia san Spàinn air iarraidh air feachdan tèarainteachd stuthan a tha gan ullachadh ro referendum air neo-eisimeileachd bhon Spàinn a ghlacadh. Thuirt Cùirt Bhun-Reachdail na dùthcha nach biodh a' bhòt laghail, agus thèid pàipearan baileat agus stuthan sanasachd a ghlacadh leis na Poilis. Thuirt Riaghaltas Chataluinia, ge-tà, gun lean iad orra leis a' bhòt air a' chiad là den ath-mhìos.