Prìomhachas ga iarraidh do bhàt-aiseig ùr do Shlèite

MC Coir' Uisg'
Image caption Chaidh am bàta a chaidh a dhealbh dhan t-slighe, an MV Coir' Uisg', a ghluasad gu slighe eile.

Chuir muinntir Shlèite ìmpidh air Còmhdhail na h-Alba agus Ministear na Còmhdhail prìomhachas a thoirt do bhàta-aiseig ùr ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.

Choinnich riochdairean na sgìre riutha agus ri Caledonian Mac a' Bhriuthainn a dh'innse dhaibh gu bheil iad a' sùileachadh gun tig àrdachadh a dhà uimhir air an àireamh dhaoine a tha a' dol air ais agus air adhart eadar port Mhalaig agus Armadal an ath-bhliadhna.

"Tha àireamh an luchd-siubhail a tha ag iarraidh a-null 's a-nall an seo, tha sin a' dol an-àirde bho bhliadhna gu bliadhna," thuirt Fear-cathrach Fòram Còmhdhail Shlèite, Ruairidh Moireach.

"'S e figearan an Riaghaltais fhèin a tha ag innse sin dhuinn.

"Tha sinne den làn-bheachd gum bu chòir prìomhachas a bhith aig an t-slighe seo airson a' chiad bhàta ùir a thathas a' dol a thogail às dèidh an fheadhainn a tha iad a' dèanamh an-dràsta.

"Agus gu bheil eaconamaidh an dà sgìre an seo, ann an Loch Abar agus ann an Slèite, gu bheil sinn glè mhòr an urra ris an aiseag sin.

"Chan e a-mhàin gu bheil sinn an urra ris, ach gu bheil seo a' toirt togail mhòir do ghnìomhachasan turasachd, chan ann a-mhàin anns na sgìrean sin, ach air feadh na Gàidhealtachd gu lèir," thuirt e.