Fiosrachadh ga shireadh mu bhàs an Gleann Comhann

Allt na Fèithe Image copyright Google
Image caption Thachair an tubaist air an A82 aig Allt na Fèithe

Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh mu mar a chaidh fear a bha a' coiseachd ri taobh an rathaid ann an Gleann Comhann a mharbhadh Dimàirt.

Tha dùil gun do bhuail bhana-campachaidh ann air an A82 aig Allt na Fèithe, faisg air far a bheil an slighe coiseachd gu Buachaille Èite Mòr a' tòiseachadh.

Thuirt Poileas Alba gun do chaochail an duine an sin, ach nach robh duine sam bith sa bhana air an goirteachadh idir.

Thachair an tubaist timcheall air mheadhan là, agus bha an rathad dùinte fad grunn uairean de thìde airson a' chùis a rannsachadh.

Seo an dàrna tubaist mhairbhteach air an A82 bho chionn ghoirid, agus dh'iarr luchd-iomairt air Poileas Alba barrachd a dhèanamh gus dèanamh cinnteach nach bi uiread de dhàil ann nuair a tha droch thubaist air rathaidean na Gàidhealtachd.

An-dràsta, feumaidh oifigearan siubhal às Inbhir Pheofharain airson an rannsachaidh, agus tha am fear-gnothaich Stiùbhart MacIlleathain, a tha os cionn Caidreachas an A82, ag ràdh gu bheil sin a' cur ris an dàil a th' ann.

Tha e ag iarraidh air na Poilis oifigearan rannsachaidh a stèidheachadh sa Ghearasdan.

Tuilleadh air an sgeulachd seo