Neach air bàsachadh ann a tubaist rathaid an Gleann Comhann

Poileas

Chaidh neach-coiseachd a mharbhadh às dèidh do bhana-campachaidh bualadh annta air an A82 an Gleann Comhann.

Chaidh an rathad a dhùnadh gach taobh aig Allt na Fèithe.

Tha seach-shlighe air a comharrachadh, taobh Thaigh an Droma agus Dail Mhàilidh, a bheir mu leth cheud 's a còig mìle a bharrachd air tursan dhaoine.

Tha dùil gum bi an rathad dùinte treis.

Thuirt Seirbheis Charbad-Eiridinn na h-Alba gun deach fios a chur thuca mu 11:59m agus gun deach carbad-eiridinn a chur chun na làraich.