Ceathrar leòinte an tubaist air an A9

Ospadal an Rathaig Mhòir
Image caption Chaidh dithis fhireannach a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir 's iad air an droch leòn.

Chaidh dithis fhireannach a dhroch leòn agus dithis eile a ghoirteachadh ann an tubaist-rathaid eadar dà charbad air an A9.

Thachair an tubaist aig mu 9:10f Diluain, ann an Deimhidh, deas air Inbhir Nis.

Chaidh dithis fhireannach, aois 25 agus 27, a bh' ann an carbad dearg Renault Scenic, a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir 's iad air an droch leòn.

Bha fear aois 29 agus fear eile aois 46 a bh' ann a Nissan Navara air an goirteachadh gu ìre cuideachd.

Tha na Poilis air tagradh a dhèanamh airson luchd-fianais.