Fèis Leabhraichean agus Ealain Inbhir Narainn

Hardeep Singh Kohli Image copyright Paul Johnston
Image caption Tha an cleasaiche èibhinn 's còcaire Hardeep Singh Kohli a-measg na bhios a' nochdadh aig an fhèis.

Tòisichidh Fèis Leabhraichean agus Ealain Inbhir Narainn Dimàirt às dèidh dragh nach biodh i idir ann am bliadhna.

B' fheudar dhaibh £15,000 a thogail tro iomairt Chrowdfunding 's eile às dèidh dhaibh maoineachadh bhon bhuidhinn Alba Chruthachail a chall.

Bidh cha mhòr 100 tachartas aig an fhèis am bliadhna.

Bidh an cleasaiche èibhinn agus craolaidair, a tha a-nis na chòcaire, Hardeep Singh Kholi, a-measg na bhios a' nochdadh aig an fhèis.

Tha na h-ùghdarran Simon Mawer, J David Simons, Louise Welsh agus Seonag Monk, a thuilleadh air deasaiche poileataigeach STV, Bernard Ponsonby, cuideachd gu bhith a' nochdadh.

Tha an fhèis a' ruith eadar an 12mh agus an 17mh là den t-Sultain.

'S ann Dihaoine a bhios na tachartasan Gàidhlig ann.