Àireamhan obraichean-lannsa sìos

Obair-lannsa Image copyright Getty Images

Bha NHS na Gàidhealtachd agus NHS nan Eilean Siar am measg nam bòrd-slàinte ann an Alba far an deach ìsleachadh a chlàradh san àireamh dhaoine a chaidh fo obair-lannsa anns a' chiad leth den bhliadhna seo - an taca ris an aon àm an-uiridh.

A rèir an rannsachaidh a rinn pàipear-naidheachd The Times, chaidh an àireamh de dh'obraichean-lannsa a lùghdachadh air feadh Alba 7%.

Thàinig ìsleachadh de cha-mhòr 5% air a Ghàidhealtachd agus 10% anns na h-Eileanan an Iar.

Cha do dhèilig ach Bòrd-slàinte Shealtainn agus Bòrd-slàinte Shrath Fhoirthe ri barrachd chùisean am bliadhna.

Chaidh an t-ìsleachadh 's motha san àireamh de dh'obraichean-lannsa fhaicinn ann an NHS Roinn a' Mhonaidh, le lùghdachadh de 16.6%.

Tha am bòrd-slàinte a' coireachadh thrioblaidean le bhith a' fastadh luchd-obrach.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach robh seo idir math gu leòr agus gu bheilear ag obair còmhla ri na bùird-slàinte gus piseach a thoirt air a' ghnothaich.

Tha ministearan air £500,000 a bharrachd a ghealltainn gus amannan-feitheimh a ghearradh agus gus buidheann a' stèidheachadh a chuidicheas na bùird-slàinte a bhith a' dèiligeadh ri na thèid fo obair-lannsa.