Fireannach fo chasaid mu dhrogaichean

Nochdaidh fireannach sa chùirt às dèidh mar a fhuaireas drogaichean luach mu £45,000 ann an Inbhir Nis.

Chaidh cainb agus cocaine fhaighinn ann an taigh anns a' Mharc-Innis Disathairne.

Tha an duine, a tha 32, cuideachd fo chasaidean-dràibhidh às dèidh mar a bhuail càr agus moped na chèile air Rathad a' Chalaidh ann an Inbhir Nis feasgar Disathairne.