Sgitheanaich air ais sa Phrìomh Lìog

Pàirc nan Laoch. Image copyright Dave Fergusson / Geograph
Image caption Bidh iomain sa Phrìomh Lìog aig Pàirc nan Laoch an ath-bhliadhna.

Bidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich air ais sa Phrìomh Lìog ann an 2018.

Rinn na Sgitheanaich a' chùis air Cabair Fèidh 2-0 ann am Port Rìgh Disathairne gus an Lìog Nàiseanta a bhuannachadh.

Thàinig na tadhail bho Iain MacGill'Fhaolain (13) is Will Cowie (80).

B' e seo a' chiad turas a bha na Sgitheanaich air soirbheachadh an aghaidh Chabers am-bliadhna.

Bha na sgiobaidhean co-ionnan sa gheama eile san lìog, is sgioba Shrath Pheofhair a' buannachadh 3-2 ann an Cupa MhicThàmhais.

Ged a tha an lìog a-nise aig na Sgitheanaich, tha cothrom fhathast aig a' Ghearasdan - a rinn a' chùis 6-1 air Inbhir Nis Disathairne - leum os cionn Chabers dhan darna àite.

Dh'fhaodadh gum bi buaidh aig na Sgitheanaich air sin cuideachd is iad a' dol dhan Ghearasdan an ath-mhìos.

Adhartas

Sa Phrìomh Lìog fhèin tha làmh an uachdair a-nise aig Ceann Loch Seile san rèis airson an tiotail.

Thill Seile dhachaidh à Bàideanach le puing Disathairne is iad a' crìochnachadh 2-2 le Baile Ùr an t-Slèibh.

Ged a bha am Baile Ùr air thoiseach 1-0 is 2-1, cha d'fhuair iad an 2 phuing a bha a dhìth orra is a h-uile coltas ann gun caill iad an tiotal a bh' aca cho fada.

Thàinig deagh naidheachd dha Ceann Loch Seile cuideachd à Cill Taraglain far an do rinn Lòbhat a' chùis 2-1 air Caol Bhòid.

Buille mhòr dha sgioba Thaigh na Bruaich, is geama air leth cudromach aca a-nise an aghaidh a' Bhaile Ùir Disathairne, mus tèid iad dhan Chlachan Ailseach ann an cola-deug.

Bidh iad as aonais Ruairidh Dhòmhnallaich san dà gheama, is esan air cairt dhearg fhaighinn ann an Cill Taraglain Disathairne.

Sa gheama mhòr aig bonn na lìge chuir Dàibhidh Smart tadhal sa mhionaid mu dheireadh gus puing à shabhaladh do Ghleann Urchadain an aghaidh GMA.

2-2 air a' cheann thall an sin is an dà sgioba fhathast ann an suidheachadh èiginneach.

Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog rinn Ceann a' Ghiuthsaich a' chùis 4-3 air Camanachd an Òbain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile