Bataraidhean is connadh gan goid

Tha na Poilis ann an Cataibh airson fiosrachadh fhaighinn mu mhèirle bho cheàrnaidhean dùthchail faisg air Dòrnach.

Chaidh còrr air deich bataraidhean, freagarrach airson charabadan tuathanais, a ghoid eadar feasgar Diciadain agus tràth madainn Diardaoin.

Chaidh connadh cuideachd a ghoid bho aon de na làraichean.

Tha mèirle bho thuathanasan air fàs cumanta o chionn beagan bhliadhnaichean.