Bùth MhicRuairidh a' dùnadh

Bùth MhicRuairidh

Dùinidh tè de na bùithdean as sine ann an Steòrnabhagh na dorsan aca airson an turais mu dheireadh air an deireadh-sheachdain.

Tha Bùth "Murdo MacLean's" neo "Bùth MhicRuairidh" air a bhith stèidhichte an teis-mheadhan a' bhaile airson còrr is 100 bliadhna.

Tha a' bhùth air a bhith air a' mhargaidh airson treis ach cha deach a ceannach.